‘S e ‘Muldoon’s Picnic’ a bhios air ceann seisean ciùil beò na seachdain seo air Ceòl ’s Craic @ Celtic Music Radio. Bidh a’ bhuidheann chiùil de shianar sheinneadairean seo a’ tabhann taghadh de dh’òrain as aonais taic-ciùil a ghabhas a-steach ceòl a tha òirdheirc is cuid a tha ro-amaideach.
Bidh iad a’ gabhail òran dùthchais, ceòl cruinneil, ceòl spioradail, òrain mhara agus rèiteachaidhean tùsail de òrain traidiseanta bho air feadh an t-saoghail air an taisbeanadh ann an dòigh dibhearsannach a tha air cliù agus spèis a choisinn dhaibh anns a h-uile cearnaidh dhen rioghachd.
Tha sinn air leth toilichte gum bi Jo NcDhòmhnaill à Eilean Leòdhais againn air aoigheachd cuideachd. Tha Jo a-nis ag obair air a ceann fhèin mar neach-rannsachaidh, sgrìobhaiche, eadar-theangadair agus craoladair ach chuir i seachad bliadhnaichean mòra ag obair aig ìre àrd aig a’ BhBC a’ cruthachadh raon farsaing de sàr-phrograman Gàidhlig airson telebhisean agus rèidio.
A bharrachd air an sin bha i aig teis-mheadhain obair leasachaidh Bhòrd na Gàidhlig. Tha sinn a’ gabhail fiughar ri a bhith ann an cuideachd Jo angus Muldoon’s Picnic – mar sin nach tig sibh còmhla rinn Diluain eadar 6 is 7f Diluain air 95FM no air loidhne air www.celticmusicradio.net
This week’s live music session on Ceòl ’s Craic @ Celtic Music Radio comes from ‘Muldoon’s Picnic’ (pictured) – a six-part vocal harmony group based in Glasgow.
According to their biography we can expect a selection of unaccompanied songs ranging from the
sublime to the ridiculous. Their repertoire which includes folk-songs, world music, shanties, spirituals and original arrangements of traditional song from around the world, from authentic to experimental is presented with a sense of fun that has won hearts throughout the UK.
Our special Gaelic speaking guest on Monday is Jo MacDonald, a native Gaelic speaker from the Isle of Lewis now employed as a freelance researcher, writer, translator and broadcaster.
Jo worked at the BBC at a senior level for many years producing an impressive range of Gaelic programmes. She also took a central role in the work of Bòrd na Gàidhlig.
Join us on Monday between 6.00 and 7.00pm on 95FM or online for a stimulating mix of music and Gaelic conversation.
Ceòl ’s Craic, Monday 24 November, 6.00-7.00pm and Catch Up anytime.