Bidh Ceòl ‘s Craic @ Celtic Music Radio a’ craoladh seisean-ciùil beò leis a’ phìobaire Elias Alexander bho na Stàitean http://www.eliasalexander.com/about/Diluain 1 Gearran eadar 6 is 7f. Chaidh an seisean ciùil seo a chlàradh aig an Gealbhan https://www.facebook.com/angealbhan/ann an taigh-seinnse Sutherlands. A bharrachd air a bhith na phìobaire air leth tàlantach tha Elias comasach air caochladh ionnstramaidean-ciùil eile a chluich gu ìre a cheart cho àrd – agus tha guth seinn àlainn aige cuideachd mar a chì sibh bhon bhideo gu h-iosal.
Bidh Ariel Killick http://www.independentstateofhappiness.com/index.php/en/contact-details/about-ariel a’ nochdadh air a’ phrògram mar chèilidhche Gàidhlig na seachdain agus gheibh sinn cothrom èisteachd ri na pìosan ciùil a thàinig a-mach à pròiseact inntinneach a chuir Ariel air chois ann an Eirinn a thug luchd-ciùil rap Eireannach agus luchd-ciùil Gàidhlig à Alba còmhla ann an co-obrachadh sònraichte.
Tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air www.facebook.com/pages/Ceòl-is-Craic
Ceòl ‘s Craic Diluain 1 Gearran eadar 6 is 7f. agus uair sam bith air Catch-Up.
Ceòl ‘s Craic @ Celtic Music Radio will be broadcasting a live music session by American piper Elias Alexander http://www.eliasalexander.com/about/ on Monday 1 February between 6 and 7pm. This session was recorded at An Gealbhan in Sutherland’s bar. As well as being an extremely gifted piper Elias also plays a variety of other instruments to an equally high level. He is also a beautiful singer as you will hear from the video clip below.
Ariel Killick http://www.independentstateofhappiness.com/index.php/en/contact-details/about-ariel will be appearing on the show as our Gaelic guest for this week when she’ll be sharing some of the fascinating recordings that came out of a Gaelic music project she set up in Ireland last year involving a group of Irish rap artists in collaboration with Gaelic speaking musicians from Scotland.
More information on the Ceòl ‘s Craic FB page.
Ceòl ‘s Craic, Monday 1 February 6.00-7.00pm and Catch Up anytime.